Abstract
Tha ‘àite’ na chuspair cumanta ann am bàrdachd Ruaraidh MhicThòmais agus gu dearbh tha àite, mar chuspair, a’ nochdadh gu bitheanta ann am bàrdachd Ghàidhlig. Tha cliù aig na bàird bhon 18mh linn gu sònraichte ann a bhith a’ dèanamh tuairsgeulan geur-shùileach air cruth-tìre na Gàidhealtachd agus an uair sin bàird bhon 19mh linn gu math tric a’ sgrìobhadh agus a’ cumadh bàrdachd bho shealladh an eilthirich agus iad a’ fàgail an dachaighean air an cùlaibh gu math tric le aindeoin. Tha bàrdachd-àite cuideachd ri lorg taobh a-muigh an traidisean Ghàidhealaich.
Translated title of the contribution | Place and the third space in Rory Thomson's poetry |
---|---|
Original language | Other |
Pages (from-to) | 41-62 |
Number of pages | 23 |
Journal | Scottish Gaelic Studies |
Volume | 32 |
Early online date | 8 Sept 2023 |
Publication status | Published - 8 Sept 2023 |