Abstract
Bithear tric a’ deasbad mun bhuaidh a tha aig ionnsachadh dara no treas cànain air an
neach a tha ag ionnsachadh. Anns na làithean a dh’fhalbh bhiodh iadsan a bha a’
diùltadh cànan eile ionnsachadh ag ràdh gun robh a leithid seo a dh’ionnsachadh a’
cur cus cuideim air an inntinn agus gun robh daoine a bha dhà-chànanach a’ fulang
troimhe-chèile mu dè an cànan a chleachdadh iad. Ma dh’fhaodas mi coimhead air seo
aig toiseach tòiseachaidh bho thaobh pearsanta, chanainn nach cuala mi dad cho
gòrach nam bheatha. Mar a h-uile Gàidheal eile, chaidh mo thogail ann an dachaigh
far nach cuala agus nach do chleachd mi ach a’ Ghàidhlig gus an tàinig mi gu aois
bun-sgoile.

Original language | English |
---|---|
Journal | Education in the North |
Volume | 18 |
Issue number | 1 |
Publication status | Published - 1 Dec 2010 |